Le bhith a’ lìonadh na foirme seo, tha thu gar cuideachadh gus fios a chur chun neach-dèiligidh cho sàbhailte agus cho luath ‘s a ghabhas. Tha e cudromach uiread fiosrachaidh ‘s a ghabhas a thoirt a-steach – tha seo a’ sàbhaladh nan aon cheistean don neach-dèiligidh agus gar cuideachadh gus barrachd tuigse fhaighinn air na feumalachdan agus na suidheachaidhean sònraichte aca. Faodaidh an neach-dèiligidh agad a bhith boireann, fireann, nas sine, ciorramach, na bhall den choimhearsnachd LGBTQIA+ no na phàirt de mhion-shluagh cinnidheach.
Cha ghabh sinn ri iomraidhean ach dhaibhsan a tha mothachail gun deach an tar-chur a dhèanamh agus a tha air aontachadh gun tèid fios a chuir thugainn.
- Feumaidh buidhnean tar-chuir innse dhuinn mu chunnartan sam bith a tha aithnichte do no bhon neach-cleachdaidh seirbheis
- Cha nochd sinn cùisean a chaidh a dheasbad às aonais cead neach-cleachdaidh na seirbheis mura h-eil draghan ann mu dhìon dhaoine.
- Gabhaidh sinn ri tar-chuirean bho luchd-fulaing agus luchd-mairsinn fòirneart feise dachaigheil
- Feumaidh an neach-fiosrachaidh innse dhuinn mu cheangal neach-cleachdaidh na seirbheis ri buidhnean eile me Seirbheisean Sòisealta, Seirbheisean Promhaidh no Seirbheisean Slàinte Inntinn. Tha seo gu sònraichte cudromach ma tha an neach-cleachdaidh seirbheis an sàs ann an cùisean cùraim.
Ma tha ceist sam bith agad mu sheirbheis Compass, slatan-tomhais ion-roghnachd, no ciamar a nì thu fios air ais, nach cuir thu fios thugainn air 0330 333 7 444.